Gaelic: A’ ruagail o smuain gu smuain gun a dhol iomrall
Eadar colbhan ann am pàipear, nobhailean, sgeulachdan goirid agus bàrdachd, tha litreachas luachmhor a’ taomadh bhuaithe. Tha ’n sgrìobhadh fhèin ealanta agus tha am mothachadh ’s am mac-meanmna air a chùl a’ taosgadh le faireachdainn mu dhualchas, dol- a-mach an latha an-diugh, agus mì-chinnt an ama ri teachd.
Co-dhiù tha e ’n crochadh air a chuimhne no a thuigse no a lèirsinn, tha alt aige air a bhith a’ ruagail o smuain gu smuain gun a dhol iomrall air an t-slighe. Chan eil fiù’s an seanfhacal ùr a chruthaich e – “Is trom an t-eallach GOC is Dwelly” – a’ cur spearrach air. Chruthaich e fear eile anns an aon dàn a bu chòir dhuinn uile ghabhail gu cridhe: “Dèan do ghnothach anns an taigh mhòr mar a nì thu do chùis anns an taigh bheag.”
Advertisement
Hide AdTha beachdan Aonghais Phàdraig fosgarra agus treibhdhireach. Nì e achmhasan no moladh far a bheil feum orra. Mas e cronachadh a tha a dhìth, chan eil athadh air sgailleag a thoirt seachad. Ged nach tig seo ri càil a h-uile duine, tha e mòran nas fheumaile agus nas onaraiche na sliomaireachd.
Saoilidh mi gu bheil feallsanachd agus tàlantan Aonghais Phàdraig air am foillseachadh gu riochdail anns an leabhar ùr bàrdachd aige, Aibisidh (Polygon, £9.99). Mar a tha an Dr Iain MacAonghuis ag ràdh air a’ chòmhdach: “Tha saoghal nan Gàidheal an-diugh air fàs achrannach agus tha a’ bhàrdachd a rèir sin. Ach tha an ealain aig Aonghas Pàdraig Caimbeul air dreach ùr nodha a chur air.”
Tha a’ bhàrdachd dà-chànanach, uaireannan le eadar-theangachadh litireil o Ghàidhlig gu Beurla, ach uaireannan eile le tuar eadar-dhealaichte eatarra. Tha aon dàn, ‘Sonaid’, air eadar-theangachadh gu Eadailtis. Tha seo mar shamhla air miann agus comas an ùghdair gu a dhùthchas fhèin a chleachdadh mar bhunait gu meòrachadh air saoghal mòr eadar-nàiseanta. Ged a tha Uibhist a-Deas ann an smior-caillich na bàrdachd chan eil sin ga cuingealachadh. Sann a tha e ’na chloich-stèidh son breithneachadh air cuspairean a bhuineas, chan ann a-mhàin do choimhearsnachd, ach dhan a’ chruinne-chè.
Ged nach eil an leabhar tomadach, tha na cuspairean lìonmhor: cuimhne, cànan, dualchas, teaghlach, imrich, àrainneachd, àbhachdas, obair, creideamh. Ach chan e sop ás gach seid a th’ ann ach cunntais choileanta air na dùbhlain a tha mu ar coinneamh mar shluagh agus mar chultar.
Tha 20 bliadhna on a thuirt Somhairle Mac Gill-Eain nach robh teagamh sam bith aige gur e an Caimbeulach aon de na bàird a b’ fheàrr an Alba, ge brith dè a’ chànan a bha iad a’ cleachdadh. Tha Aibisidh a’ dearbhadh gu robh e ceart. Tillidh mi thuige tric son ùrachadh fhaighinn o neamhnaidean mar ‘Là Earraich’:
Tha mi mar choigreach anns an taigh-chèilidh,
far a bheil am fìon dealantach a’ sìoladh. Tha fàileadh
na mo chuinnlein: sgonaichean an àiteigin
air a’ ghreideil, agus fuaim na mo chluasan:
sgread na curracaig a’ ceilearadh air latha earraich,
aon chuimhne chaoin a tha gun mhearachd.