Gaelic: Làbar, an reifreann, Keir Hardie, agus ar ‘luachan dualchasach Albannach’
Tha na Làbaraich an aghaidh neo-eisimeileachd, nach eil? Uel, a réir Allan, 30, a tha ’na bhall den phàrtaidh ann am Machair Aonghais, chan eil idir. Chuir e an iomairt air dòigh gus luchd taic a’ phàrtaidh a bhrosnachadh gu bhótadh “tha” san reifreann air 18 Sultain 2014.
Nach e obair dhoirbh a tha sin, a’ feuchainn ri inntinn atharrachadh a tha air a bhith gu tur an aghaidh nì sam bith anns a bheil na Nàiseantaich an sàs?
Advertisement
Hide Ad“Chan e inntinn nam ball ’s an luchd taic atharrachadh cho mór ri inntinn ceannardas a’ phàrtaidh. Tha iarrtas làidir am measg nan Làbarach son neo-eisimeileachd agus bhà riamh. Se dìreach nach robh an t-iarrtas sin a’ tighinn gu bàrr. Cha robh guth againne gu bho chionn greis nuair a chuir sinn am buidheann air bhonn. Tha làrach-lìn againn, www.labourforindy.co.uk, agus duilleagan Facebook a tha tàladh mìltean.”
Ge-tà, se aon rud a bhith faighinn fàilte mhór sna meadhanan sòisealta, rud eile daoine a thoirt leat air là a’ bhót, nach e?
“Tha sinn a’ togail lìonraidhean feadh na dùthcha, a’ bruidhinn ri daoine anns na coimhearsnachdan aca ’s a’ togail na ceist aig coinneamhan Làbair fhéin. Nuair thòisich mise faighneachd mu neo-eisimeileachd an toiseach se an fhreagairt as cumanta a gheibhinn, ‘Mach á seo le do chuid nàiseantais!’ Mar gu robh Keir Hardie ’s na seann laoich Làbarach air a dhol ás an cuimhne. Ach tha sin air atharrachadh gu mór agus fada bharrachd de na Làbaraich deònach bruidhinn ris a’ cheist a-rithist.”
Tha bean agus teaghlach òg agus obair làn thìde agad a’ teagaisg Beurla. Dé thug ort fhéin an iomairt seo a thòiseachadh?
“Chunnaic mi mar bha gnothaichean nuair a bha mi beagan bliadhnachan ag obair air feadh Àsia far a bheil deagh chliù aig Albannaich son ar luachan dualchasach. Ge-tà tha na ceannardan againn air am Pàrtaidh a thoirt do staing cho fada air an sgéith a-deas a’ feuchainn ri luchd bhótaidh Shasainn a shàsachadh. Chan eil adhbhar nach biodh àite còmhnaidh, obair agus teachd a-steach aig ìre reusanta math aig a h-uile ann an Alba neo-eisimeileach, na dearbh rudan a tha Làbar Albannach air a bhith a’ strì air an son. Tha sinn son a dhol air ais dha na freumhan sin ’s air adhart gu bhith ’nar dùthaich bheag bheartach le féin aithne chinnteach air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.”