An toll m"r ann an Radio nan Gaidheal

Tha Radio nan Gaidheal agus Radio Scotlandshire gan sgrùdadh le Urras a' BhBC an-dràsta, le fosgladh gu 12 Faoilleach 2011 don luchd èisteachd ar beachdan a chur a-steach air loidhne. Sin mas urrainn dhuinn an duilleag cheart a lorg le Google.

Tha ceisteachan air lrach an Urrais fo cheann Radio Alba. Tha e nochdadh sa Bheurla an toiseach 's an uair sin sa Ghidhlig. Tha na ceistean ceangailte ri dleastanasan ann an cead seirbheis RnG. Gheibhear an lethbhreac as ire sa Bheurla agus sa Chuimris ged nach fhaighear sa Ghidhlig. Tha sinn elach air a' bheachd air chl sin. "Chan eil an comas leughaidh aig na bugairean grach sa chnan aca fhin co-dhi."

Ge-t, se deagh chothrom a tha seo gus taic a chur ri RnG le bhith a' moladh na tha math agus a' cur na corraig air rudan a b' urrainn a bhith na b' fherr.

Hide Ad
Hide Ad

Tha ceistean a' diligeadh ri cho furasta 's a tha RnG ri fhaighinn, agus ri d cho math 's a tha e air cel, cultar, naidheachdan, sprs agus ionnsachadh.

Ann an iomadach digh tha RnG a' sor fhs nas fherr air a dhleastanan a choileanadh ged a tha na cmhraidhean gu tric fada nas fherr na an cel. Tha Cathy Bhn fhathast a' cluich stuth blian bliadhnachan Thatcher ach tha trr aoidhean inntinneach aice. Chan eil a h-uile duine cho didheil air dinosaur rock 's a tha Derek Plto ach tha an "noinseans" aige fada nas fherr na grachd sam bith eile a th' air an ridio an-drsta.

Se structar smplidh de chlran 's de chabadaich a tha RnG a' leantainn mar as trice. Cha bu mhisde sinn barrachd drma 's cruthachaileachd ach faodaidh smplidheachd a bhith cumhachdach ann an lmhan chraoladairean ealanta. Tha mran dhinn nach fhaigheadh tron l gun a' chraicearachd aig Mrag Dhmhnallach. Tha prgram pobaireachd aig Cailean MacIlleathain a tha nas binne blasta na n a gheibhear sa Bheurla. Agus tha Bliadhna nan ran a' taisbeanadh beartas de sheann chlraidhean a tha cho math 's gum bu chir a' bhliadhna shnraichte seo a shneadh gu brth.

Leis gu bheil na Gaidhil cho gann ge-t agus nach eil RnG a' ruigsinn ach trian dhiubh co-dhi, tha gafairean a' BhBC ag iarraidh fuaimean a dh'aithnicheadh daoine aig nach eil ach Beurla. Tha sin a' ciallachadhC&C -cel Ceilteach agus Country. Tha a h-uile duine didheil air beagan country uaireannan ach fsaidh tu ceithir-casach a' cluinntinn cus dheth. Chan eil ann an cel "Ceilteach" ach an t-aona phort gun fhonn ga chluich gu frionasach air an aon ruidheam - .- .- . . , teachdaireachd ann am morse, TAAEE, cd domhair air son . . . Bo Skiddly Diddly fhathast be . . . sna Balkans . . .Tha an cmhradh Gidhlig/Gaeilge le gire eadar Miri Anna NicUalraig agus Sen hanaigh tarsainn Sruth na Maoile a' tairgse beagan faochaidh agus roghainn de shr rain aca san d chnain.

Tha RnG fo dhleastanas "craoladh a dhanamh air naidheachdan agus fiosrachadh mu chisean litheil a tha ceart, cothromach agus neo-eisimeileach Alba, s an RA 's s a' chrr den t-saoghal". Se obair ionmholta a tha RnG a' danamh ann a bhith cur dreach foirmeil air naidheachdan agus an uair sin gan deasbad ann an cainnt bhaisteach. Ach tha aon bhern a tha cho follaiseach agus cho piantail ri toll ann am fiacal. Se sin gu bheil casg ga chur air naidheachdan agus deasbad mu leasachadh na Gidhlig.

Chunnaic sinn droch eisimpleir dheth seo bho chionn greis dar a nochd connspaid mu dheidhinn mar a limhsich Brd na Gidhlig am buidheann saor-thoileach TAIC agus cuid de na cnanaichean as cliitiche air an t-saoghal a' togail na cis le Rnaire an Fhoghlaim, Mcheal Ruiseal. Nan robh thu an eisimeil RnG son naidheachdan, is gann gum biodh fios agad air a-sin.

Ma tha BnaG fhin deiseil son deasbad doirbh gun diomb a ghabhail, bu chir luchd naidheachd RnG bhith denach ceistean bunaiteach a thogail le na daoine aig a bheil an sporan.

Hide Ad
Hide Ad

Thuirt lirmheasair phipearan naidheachd air Prgram Choinnich uaireigin nach leughadh e artagailean mun Ghidhlig a bha "ro dhbhlanach". Tha beachd ann gu bheil e nas fherr bruidhinn mu chuspair sam bith sa Ghidhlig seach a bhith a' sor chagnadh an aon seann chnimh mun chnain fhin. Deagh riaghailt rdaig, mar gum biodh. Ach nan robh RnG na bu chomasaiche air diligeadh ri ceistean cnanach 's ris na cisean econamach agus poilitigeach a tha 'nan lib, cha bhiodh na meadhanan Beurla cho soirbheachail a' fgail lrach nam breugan aineolach aca fhin ann an inntinn luchd bruidhinn na Gidhlig.