Bàs Èirdsidh Sproat á Eilean Chola
Chaochail Èirdsidh Sproat, á Eilean Chola an Earra-Ghaidheal, Di-Sathairne seo chaidh an uair a bhàth e anns a’ mhuir. Bha e 70 bliadhna a dh’aois, agus thathar a’ tuigsinn gun do ghabh e buille cridhe aig stiùir a’ bhàt’ aige.
Rugadh Èirdsidh ann an Cola agus chaidh e dhan sgoil ann. Bhiodh e a’ cur tòrr ùine seachad as dèidh na sgoileadh ag obair ann am bùth an teaghlaich. Bha i aig teis-meadhan beatha an eilein aig an àm agus chòrdadh e ris gu mòr a bhith ag obair innte. Nuair a bha e ’na inbheach òg, rinn e obair-bhlosgaidh air an rathad ùr eadar Àirigh nan Gobhar agus cidhe an aiseig, an dearbh rathad a chleachd e gus an t-eilean fhàgail beagan as dèidh siud. Rinn e a bheatha san sgìre mun cuairt air an Arthar ’s an Tairbeart eadar bruachan Loch Long agus Loch Laomainn, far an do thachair e ri a bhean Mairead, no “Marilyn” mar as fheàrr a dh’aithnicheas daoine i.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdSe Colach comasach a bh’ ann an Èirdsidh. Bha iomadh diofar dhreuchd aige thar a bheatha –fear-carbad-eiridinn ’nam measg – agus gu dearbh chanadh e fhèin gun deach e gu “Oilthigh na Beatha”. Chuir e a’ chuid as motha den bheatha obrach aige seachad ’na phoileasman do Mhinistreachd an Dìon ann an Gleann Dùghlais, far an robh e cliùiteach air son cho gasta ’s a bha e ’na phearsa. Ghabh e an cothrom a dhreuchd a leigeil dheth tràth nuair nach robh e ach 56, agus abair gun do chòrd an t-saorsa ùr seo ris. Bhiodh e tric ri iasgach, agus feumaidh gun robh gàire mòr air aodann air latha a bhàis, oir ghlac e a’ chiad rionnach den bhliadhna an latha sin. Bha e a’ dol air ais ’s air adhart a dh’Eilean Chola fad a bheatha ach, san dòigh chumanta th’ aig na Gaidhil, mar as aosta a dh’fhàs e, sann as trice a bha Cola a rùin ga thàladh.
Thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh bhiodh Marilyn agus Èirdsidh a’ cosg a’ chuid as motha den ùine aca san eilean le an teaghlach a’ tighinn a chèilidh orra son an làithean saora.
’Na oigridh bha Èirdsidh air a chuartachadh leis a’ Ghàidhlig ’s le dualchas an eilein. Tha Cola car gann de dhaoine mar seo an-diugh. Is tric a chluinneadh tu “Faighnich do dh’Èirdsidh” nam biodh ceist agad air eachdraidh no ainmean àite no sinnsireachd an eilein. B’ ann le ad an eòlaiche air a cheann a thachair mi fhìn ris ann an Iuchar na bliadhna sa, agus abair gun robh sgeulachdan inntinneach, èibhinn aige. Dh’innis e dhomh mu na cèilidhean ceòlmhor a bhiodh aca ann an seann talla na coimhearsnachd – bhiodh na balaich òga, e fhèin ’nam measg, a’ cumail leth-bhotal am falach san fheur ri taobh an talla. Cha b’ ann tric a chuimhnicheadh na balaich cà’ dìreach an do chuir iad na botail aig deireadh na h-oidhche agus an uair a thigeadh muinntir na Comhairle a ghearradh an fheòir, bliadhnaichean as dèidh làimhe, lorgadh iad iomadh leth-bhotal, uile leth-lìonta!
Tha Èirdsidh air teaghlach fhàgail as a dhèidh – a bhean “Marilyn”, a mhic Uilleam, Cailean agus Graeme, agus còig oghaichean air an robh e gu math pròiseil.
Dàibhidh Byrne