Dòchas seach dìmeas, piseach seach crìonadh – far am buin mam fearann dha na daoine

BHO ghabh croitearan Asainte sealbh air Oighreachd Loch an Inbhir a Tuath ann an 1993, tha iomairt air a bhith dol air a’ Ghaidhealtachd agus sna h-Eileanan a tha air spionnadh as ùr a thoirt do chuid de na coimhearsnachdan as iomallaiche agus as bochda ann an Alba.

A rèir Iomairt na Gaidhealtachd ’s nan Eilean (IGE) tha a-nis còrr agus 420,000 acair de dh’fhearann fo shealbh choimhearsnachdan san sgìre aca, barrachd na th’ aig Urras Nàiseanta na h-Alba, Urras John Muir agus an RSPB còmhla.

Tha ainmean mar Ceann a Tuath na Hearadh, Uibhist a Deas, Cnòideart, Eige, Giogha, Gabhsann agus a’ Phàirce a-nis ’nam boillsgidhean radaigeach ann an eachdraidh na Gaidhealtachd. Dìreach mar nach dèan sinn dearmad air na gaisgich a choisinn còraichean ’s a ghlèidh beòshlaint dhaib’ fhèin ’s an teaghlaichean ann an Strì an Fhearainn an àiteachan mar Ghleann Dail, am Bràighe, Griais ’s a’ Phàirce, mairidh na h-oidhirpean ùra a tha daoine a’ dèanamh ’nar linn fhìn fada air chuimhne ’s iad a’ feuchainn ri car a chur ann an cuibhle an fhortain. Feuch an tig piseach an àite crìonadh, feuch an tig dòchas ann an àite dìmeas.

Hide Ad
Hide Ad

Tha coltas ann a-nis gu bheil iomairt ùr an fhearainn air tighinn beò a-rithist, agus thairis air na mìosan agus bliadhnaichean a tha romhainn bidh sinn a’ cur ainmean agus coimhearsnachdan eile ri clàr nan gaisgeach. Oir dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba o chionn dà mhìos gu bheil iad a’ dol a stèidheachadh Stòras Fearainn ùr, luach £6 millean, a bhios air a lìbhrigeadh le IGE agus am Big Lottery. Tha iad an dòchas gum faod daoine tòiseachadh a’ cur a-staigh air a shon nas fhaide air an t-samhradh.

Thuirt Iain Watt, stiùiriche IGE air son Neartachadh Choimhearsnachdan: “Cuiridh daoine fàilte air Stòras Fearann na h-Alba air feadh na dùthcha, agus tha sinne aig IGE uabhasach toilichte gu bheil sinn gu bhith an sàs ann, còmhla ri ar co-obraichean aig Maoin Mhòr a’ Chrannchuir. Tha e follaiseach gu bheil iarraidh mhòr air an taic seo, ’s tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith cuideachadh choimhearsnachdan air feadh sgìrean dùthchail na h-Alba ’s iad a’ feuchainn ris an fhearann aca a cheannach.”

Ach tha cuid a dhaoine air gearain gu bheil an stòras ùr car beag. A rèir Dàibhidh Camshron, Cathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a tha a’ riochdachadh bhuidhnean coimhearsnachd aig a bheil fearann: “Is dòcha gu bheil e caran beag, ach se ceum mòr a th’ ann gu bheil fearann coimhearsnachd air ais air an agenda phoilitigeach, gu h-àraidh aig àm nuair a tha an sporan poblach cho gann. Tha e ag innse dhuinn gu bheil Holyrood, agus gach pàrtaidh ann a Holyrood, deònach taic a thoirt do choimhearsnachdan gus fearann a cheannach.”

Rud eile a tha a’ cur beagan dragh air daoine mun stòras ùr, se ciamar a bhios e air a lìbhrigeadh. Thuirt Mgr Camshron: “Tha sinn a’ faireachdainn, agus dh’innis sinn dhan Riaghaltas, gun robh an seann siostam a bh’ aca son an stòras a lìbhrigeadh ag obrachadh glè mhath. Agus chan eil sinne a’ faicinn adhbhar sam bith an siostam sin atharrachadh. Tha còmhraidhean a’ dol air adhart an-dràsta eadar IGE ’s am Big Lottery feuch ciamar a tha iad a’ dol a lìbhrigeadh an stòrais. ’S tha sin a cheart cho cudromach ris an stòras fhèin.”

Tha e follaiseach gu bheil iarraidh mhòr gu bhith air an stòras ùr, le coimhearsnachdan, a rèir Mhgr Chamshron, ann an Uibhist a Tuath, Ceann a Deas na Hearadh, Brèascleit agus Carlabhagh uile a’ smaoineachadh air cur a-staigh air a shon. Agus bidh gu leòr eile ann cuideachd. Ma shoirbhicheas leis na buidhnean sna Hearadh, dh’fhaodadh na Hearadh air fad cha mhòr a bhith fo shealbh nan Tearach fhèin – agus le sealbh agus cumhachd thig soirbheachadh.

Thuirt Mgr Camshron: “Nuair ghabhas coimhearsnachd sealbh air an fhearann aca, tha e a’ toirt misneachd agus neart dhaibh nach robh aca roimhe. Agus air sgàth sin, gheibh thu daoine àbhaisteach ann an àiteachan àbhaisteach a’ dèanamh rudan a tha gu math neo-àbhaisteach. Se taighean agus obraichean cnag na cùise, agus ma tha coimhearsnachdan a’ dol a shoirbheachadh, feumaidh an dà rud sin a bhith aca. Tha na coimhearsnachdan seo car coltach ri companaidhean beaga leasachaidh ann an dòigh.

“Nise, a rèir na h-aithisg a rinn an Scottish Agricultural College, bheir e uaireannan suas ri deich bliadhna gus am faic thu diofar mòr sam bith sna coimhearsnachdan. Mar sin chan eil e ag obrachadh mar a bhiodh plana gnìomhachais àbhaisteach trì-bhliadhnach. Tha e a’ toirt ùine. Ach feumaidh tu cuimhneachadh gu bheil na coimhearsnachdan seo a’ feuchainn ri cùisean a thionndadh as dèidh bhliadhnaichean no fiù ginealaichean mòra de chrìonadh, de chion taic, ’s de dhìth cumhachd agus misneachd.”

Hide Ad
Hide Ad

Mar tha muinntir na Hearadh, Uibhist, Ghiogha agus gu leòr eile air sealltainn, ma gheibh iad cothrom, nì iad feum dheth. Agus sin a tha an stòras seo a’ toirt dhaibh, cothrom gus soirbheachadh air an ceann fhèin.

Thar mìosan an t-samhraidh, tha An t-Albannach gu bhith a’ tadhal air, agus a’ bruidhinn ri, feadhainn de na coimhearsnachdan a tha air sealbh a ghabhail air an fhearann aca fhèin, feuch dè an diofar a rinn e nuair a fhuair iad an cothrom sin.

Related topics: